Oighreachd na Pàirce aig a' choimhearsnachd

  • Air fhoillseachadh
Sgìre na Pàirce

Ghabh muinntir sgìre na Pàirce ann an Leòdhas sealbh air an oighreachd aca Dihaoine, 's a' choimhearsnachd air a ceannach gu laghail mu dheireadh thall.

Ged a bha strì aca, fhuair iad aonta bhon uachdaran Barry Lomas gu reiceadh e an oighreachd agus na còirichean a tha na cois gu saor-thoileach.

Tha luchd-lagha airson gach taobh air a bhith a' cur chùisean an òrdugh bho chionn greis.

Phàigh Urras na Pàirce £500,00 not air an fhearann, an cladach agus còirichean leasachaidh.