Eaglais Shaor ùr ga stèidheachadh an Sruighlea

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An t-Urr. Iain MacAsgail air Aithris na Maidne

Tha an Eaglais Shaor an dùil coithional a stèidheachadh ann an Sruighlea tràth an ath-bhliadhna.

Bi an t-Urr. Iain MacAsgail, os cionn a' choithionail ùir.

Tha Mgr MacAsgail air a bhith ann an Ros Cuimhne fad seachd bliadhna.

Ron sin stèidhich e coithional às ùr ann an Uibhist a Deas.

Chuir bòrd misean na h-eaglaise agus clèir Ghlaschu taic ri ainm Mhgr MhicAsgail airson a dhol a Shruighlea.

Bha eaglais shaor anns a' bhaile roimhe ach tha iomadach bliadhna bhon uairsin.

"Tha min làn chreidsinn gur e Dia a bha gam ghairm," thuirt Mgr MacAsgail.

Coithional ùr

Fhad 's a bha e ann an Uibhist, stèidhich e coithional an sin agus anns na bliadhnaichean a tha e air a bhith ann an Ros Cuimhne, chaidh eaglais ùr Capstone a thòiseachadh ann an Alanais, faisg air làimh.

Thuirt Mgr MacAsgail cuideachd gu robh e cudromach coithionalan a thòiseachadh às ùr ann an sgìrean leithid Sruighlea.

Thuirt e gu robh e creidsinn gum biodh coithional làidir stèidhichte ann an Sruighlea ann an ùine gun a bhith fada, mar a th' aig an eaglais ann an iomadach àite eile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile