Sgeama Cille Chuimein ga dhiultadh

  • Air fhoillseachadh
Crann gaoithe

Dhiùlt Cùirt an t-Seisein cead airson tuath gaoithe mòr aig Sròn na Lairige, faisg air Cille Chuimein.

Bha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt seachad dhan chompanaidh dealain SSE airson 67 crann-gaoithe air Oighreachd Earragaidh.

Ach rinn Urras Iain Muir tagradh an aghaidh sin.

Dh'aontaich am britheamh riutha, 's thuirt e nach do choilean ministearan an cuid dleastanasan nuair a thug iad cead dhan sgeama.

Ath-bhreithneachadh

Thug Ministear na Cumhachd, Fearghas Ewing cead dhan phròiseact san Iuchar 2014.

Chaidh a ràdh aig an àm gun deidheadh dealan gu leòr airson 114,000 dachaigh a chruthachadh.

Thuirt SSE gun toireadh e buannachd de £30m dhan sgìre.

Ach dh'iarr an carthannas àrainneachd Urras Iain Muir ath-bhreithneachadh laghail air a' cho-dhunadh agus dragh orra mun bhuaidh a bhiodh aig an tuath gaoithe air an fhearann, air turasachd agus air a' mhonadh.

Chuir faisg air ceud duine an aghaidh an sgeama gu h-oifigeil.

Chuala a' chùirt gu robh Dualchas Nàdair na h-Alba air cuir na aghaidh cuideachd.

Breith cùirte

Cho-dhùin am britheamh, am Morair Jones nach do ghabh ministearan suim gu leòr ri riaghailtean co-cheangailte ri buaidh àrainneachd.

Thuirt e nach d'thug ministearan adhbhar seachad son a bhith a' diultadh gabhail ri gearan SNH, agus gu robh sin a' fàgail uireasbhaidh ann an co-dhunadh nam ministearan.

Thuirt Stiùbhairt Brooks Urras Iain Muir gu robh iad air an dòigh le co-dhunadh na cùirte.

"Se naidheachd mhath a tha seo dha daoine a tha measail air àrainneach nàdarra na h-Alba agus a tha airson gun tèid a dhìon," thuirt e.

Tha co-dhunadh na cùirt na bhriseadh dùil dha SSE.

"Nì sinn ath-sgrùdadh air co-dhunadh na cùirte agus beachdaichidh sinn air na roghainnean againn a rèir sin," thuirt neach-labhairt.