Dragh mu bhancaichean an Cataibh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Uairean gan gearradh

Nochd dragh mu ghearradh ann an uairean fosglaidh ann an cuid de bhancaichean air a' Ghàidhealtachd.

Tha gearain gu h-àraidh air taobh sear Chataibh far a bheil gearradh mòr air na h-uairean aig Banca na h-Alba ann an Dòrnach, Bun Illidh agus Drochaid a' Bhanna.

Cha bhi Banca na h-Alba ann an Drochaid a' Bhanna fosgailte ach aon là san t-seachdain, Dimàirt, 'son còig uairean de thìde.

Tha cuid droch-amharasach mun ghluasad.

"Tha mise a' faicinn gu bheil iad a' gearradh nan uairean is le na h-uairean a bhith air an gearradh, cha bhi na h-uimhir de dhaoine a' dol a-steach dhan àite", thuirt Tormod Iain Dòmhnallach, a tha a' fuireach ann an Drochaid a' Bhanna.

Dùnadh

"An ath-rud a chanas iad, 'chan eil duine a' dol a-steach dhan bhanca, tha sinn a' dùnadh a' bhanca uile gu lèir', is caillaidh sinn an aon là.

Dh'aidich Mgr Dòmhnallach nach eil am baile cho trang a-nise nach eil an rathad mòr a' dol troimhe.

Thuirt e ge-tà, gu bheil feum fhathast air goireasan bancaidh.

"Tha airgead sa bhaile agus sa choimhearsnachd fhathast a dh'fheumas na seirbheisean seo a chumail a' dol airson dà là den t-seachdain", thuirt e.

Nochd draghan cuideachd ann an Dòrnach.

"Buille mhòr"

"Bidh e na bhuille mhòr", thuirt an t-Urr. Donnchadh MacLeòid ann an Dòrnach.

"S e an aon bhanca a th' againn sa bhaile agus tha tòrr ga fhrithealadh, chan ann a-mhàin à Dòrnach fhèin ach às na bailtean beaga mun cuairt,

"Chan eil e furasta dhaibhsan faighinn a-steach a Dhòrnach a h-uile là, gu h-àraidh daoine a tha a-nise caran aosta", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil an t-atharrachadh na chomharra air dìth spèis aig na h-ùghdarrasan san fharsaingeachd dha sgìrean iomallach.

Dh'fhàg e air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' feuchainn ri cumhachd a chumail ann am meadhan na dùthcha.

Thuirt Banca na h-Alba gu bheil iad daonnan a' cumail sùil air an t-seirbheis a tha iad a' toirt dhan choimhearachd, agus nach eil gearradh sam bith a' tachairt gun fìor mheòireachaidh a dhèanamh air a' chùis ro-làimh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile