Uisge Spè air cur thairis
- Air fhoillseachadh

Chuir buidheann de dhaoine a bha a' fuireach ann an chaletan san Aghaidh Mhòir oidhche Dhòmhnaich seachad ann an àiteachan fuirich sealadach an dèidh mar a chaidh cobhair a dhèanamh orra.
Dh'èirich Uisge Spè thairis air a bruaichean, a' cur nan togalaichean aig Pàirce Chur-Seachadan Speyside fo thuil.
Rinn Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba cobhair air 25 duine.
Thug an tuil buaidh air còrr air 100 carabhan stèidhichte, a thuilleadh air dachannan agus gnothachasan - Taigh-òsta na Seann Drochaid nam measg.
Tha rabhaidhean tuile an sàs fhathast air cuid mhath de dh'Uisge Spè.
Tha 29 rabhaidhean tuile an sàs air feadh na h-Alba an dèidh uisge mhòir air an deireadh-sheachdain.
'S ann mu na Crìochan a bu mhotha a bha buaidh an Alba, gu h-àraid mu bhaile Hamhaig.
Tha iar-thuath Shasainn air tuiltean mòra fhulang, le mu 46,000 dachaigh gun chumhachd tron oidhche.