Coimiseanair Gàidhlig "a dhìth"
- Air fhoillseachadh
Bu chòir Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn atharrachadh airson 's gum feum co-dhiù aon choimiseanair le Gàidhlig a bhith air Coimisean Fearainn na h-Alba.
Sin aon de na h-iarrtasan a nochd ann an aithisg Comataidh nan Cùisean Dùthchail air mar a bu chòir am bile ùr a leasachadh mus tèid a chur mu choinneimh Phàrlamaid nas h-Alba a-rithist.
'S ann bho Chalum Combe aig Sgoil Lagha Oilthigh Obar Dheathain a thàinig am moladh sa chiad àite.
Feumaidh fon lagha co-dhui aona bhall le Gàidhlig a bhith air Cùirt an Fhearainn agus Coimisean na Croitearachd.
Dh'iarradh Mgr Combe an aon rud a thaobh Choimisein an Fhearainn.
"Argamaid"
"A rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, gabhaidh argamaid a dhèanamh gum bu chòir co-dhiù tuigse air a' Ghàidhlig a bhith am measg luchd-obrach Choimisein Fearainn na h-Alba, agus gu bheil feum air a leithid anns an reachdas fhèin," thuirt Mgr Combe.
"'S dòcha gum b' urrainnear a ràdh nach eil feum air dealas sònraichte dhan Ghàidhlig anns an reachdas seo ri linn 's gu bheil structar leasachaidh farsainn airson Gàidhlig anns an là a th' ann.
"Ach bhitheadh dealas poblach dhan chànan agus dha na coimhearsnachdan a tha ga cleachdadh, a bharrachd air leantainn riaghailtean croitearachd agus Cùirt an Fhearainn gu math freagarrach agus feumail.
"'S dòcha gun gabh tuigse air ainmean àite Gàidhlig a sgaoileadh, agus mothachadh air eachdraidh an fhearainn agus mar a bha e air a chleachdadh.
"Ged nach eil luchd-labhairt na Gàidhlig air a bhith toirmisgte bho dhreuchdan oifigeil fearainn, tha a' Ghàidhlig 's dòcha, le cliù cànan croitearachd, no clas-obrach.
Poileasaidhean
"Mar sin chan eil Gàidheil an-còmhnaidh air a bhith ri làimh gus buaidh a thoirt air poileasaidhean fearainn.
"Mar sin dheth, cuiridh seo sradag ùr ri poileasaidh fearainn," thuirt e.
Tha cuid air draghan a nochdadh gum faodadh seo cais a chur air daoine ann am pàirtean de dh'Alba far nach eil e air fhaireachdainn gu bheil dìleab na Gàidhlig cho làidir.
Chan eil Mgr Combe den bheachd gu bheil sin na adhbhar gun Gàidheal a bhith air a' Choimisean ge-tà.
Thuirt e gu bheil e nas dòchasaich gun tèid gabhail ris a' mholadh aige a-nise is Comataidh nan Cùisean Dùthchail air taic a chur ris.
Thig fiosrachadh a bharrachd nuair a thèid am bile air adhart dhan darna ìre.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Dùbhlachd 2015