Sgoil ùr Loch Abar a' soirbheachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Togail don Ghàidhlig ann an Loch Abar

Thuirt Ceannard Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar gu bheil i mar-thà air togail mòr a thoirt dhan chànan san sgìre.

Dh'fhosgail an sgoil ann an Caol a' Ghearasdain anns an Lùnastal.

Roimhe sin, bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann an aonad ann am Bun-sgoil Chaitligeach a' Ghearasdain.

'S e Iain Iòsaph MacNèill ceannard na sgoile.

Thuirt e gu bheil diofar mòr eadar sgoil Ghàidhlig agus aonad ann an sgoil Bheurla.

"Fad na h-ùine"

"Tha na sgoilearan againn a' bruidhinn fad na h-ùine ann an Gàidhlig a-nise", thuirt Mgr MacNèill.

"A thaobh bogadh, tha diofar mòr ann agus tha na sgoilearan fhèin a' faireachdainn gu bheil iad mar phàirt de choimhearsnachd, is na diofar rudan a tha iad a' faighinn, cuirmean is tachartasan eile, a thaobh is gu bheil Gàidhlig againn", thuirt e.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd bho thùs gum biodh an sgoil ùr na h-ionad 'son na Gàidhlig san sgìre, is tha e coltach gu bheil sin a' tachairt mar-thà.

"Tha pàrant is pàiste againn, tha cròileagan againn agus tha sgoil-àraich againn", thuirt Iain Iòsaph MacNèill.

"Tha sinn an dèidh a bhith gu math fortanach gu bheil inbhich an dèidh a bhith a' tighinn a-staigh gu clasaichean Gàidhlig", thuirt e.

Bidh buidhnean Gàidhlig ann an Loch Abar cuideachd a' cur an àite gu feum.

"Tha e dìreach a' ciallachadh ann an dòigh gu bheil sinn còmhla", thuirt Vicki NicIlleathain, a tha ag obair aig Fèisean nan Gàidheal san sgìre.

"Nas fhasa"

"Bidh e nas fhasa a thaobh phròiseictean a tha sinn ag obair air, nì e diofar ma tha sinn ag obair air pròiseict ri chèile", thuirt i.

Thàinig taic cuideachd bho Chatriona NicIlleathain a tha ag obair aig Comunn na Gàidhlig ann an Loch Abar.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud fìor mhath a th' ann a bhith taobh a-staigh coimhearsnachd Gàidhlig.

"Chan e dìreach sgoil a th' ann ach coimhearsnachd le Fèisean nan Gàidheal is Comunn na Gàidhlig is tha mi an dòchas gum bi buidhnean Gàidhlig eile stèidhichte san sgoil cuideachd", thuirt i.

Tha 70 sgoilear a' dol dhan sgoil an-dràsta, cuid à Baile a' Chaolais, Gleann Fhionghain is Drochaid Ruaidh a bharrachd air sgìre a' Ghearasdain fhèin.

Gabhaidh an sgoil leudachadh ma thig àrdachadh ann an àireamhan anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile