Gunnaichean Dhùn Èistean

  • Air fhoillseachadh
Dùn ÈisteanTùs an deilbh, Gordon Hatton / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh drochaid a thogail gu Dùn Èistean ann an 2002.

Bha na spuirean-gunna as sinne a fhuaireadh a-riamh ann am Breatainn am measg na lorg arc-eòlaichean a bha a' cladhach aig Dùn Èistean ann an Nis.

Thòisich pròiseict rannsachaidh air an eilean, a bha glè chudromach do Chloinn 'ic GhilleMhoire san 16mh is 17mh Linn, bho chionn còrr is 15 bliadhna.

Chaidh Pròiseict Arc-Eòlais Dhùn Èistean a stèidheachadh leis an Dr. Màiri NicLeòid bho Chomhairle nan Eilean Siar, buill bho Chomann Chlann 'ic GhilleMhoire agus Comann Eachdraidh Nis.

'S iad sgioba à Oilthigh Ghlaschu a rinn an obair fhèin, le taic-airgid à Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Comhairle nan Eilean Siar agus Maoin-Dualchais a' Chrannchuir.

Tha an luchd-rannsachaidh den bheachd gu bheil na spuirean-gunna a lorg iad nas sinne na gin a fhuaireadh ann am Breatainn roimhe seo, is iad a' creidsinn gun deach an dèanamh air Dùn Èistean.

Fhuair iad cuideachd buinn-airgid agus obair-chreadha is beachd ann gur dòcha gun robh muinntir an àite a' cleachdadh slighean-mara airson malairt.

Tha torradh na h-obrach a-nise a' nochdadh ann an leabhar ùr, 'Dùn Èistean, Ness', le Raonaid Barrowman.

Tùs an deilbh, Oilthigh Ghlaschu
Fo-thiotal an deilbh,
Spuirean-gunna a chaidh a lorg air Dùn Èistean.

"Thòisich sinn a' phròiseict seo còrr is 15 bliadhna air ais, is sinn an dùil barrachd fhiosrachaidh a lorg air àm ann an eachdraidh Leòdhais is na Hearadh nach deach rannsachadh buileach a thaobh arc-eòlais gu ruige sin", thuirt Raonaid Barrowman.

"Tro mheasgachadh de chladhach agus suirbhidhean, a bharrachd air rannsachadh eachdraidheil mionaideach, chaidh againn air an sgeulachd a leudachadh agus tuigse na b' fheàrr fhaighinn air mar a bha ceanglaichean aig Dùn Èistean ri saoghal na Gàidhlig anns an 16mh Linn agus toiseach na 17mh", thuirt i.

A rèir na sgioba rannsaichaidh, tha na fhuair iad a' togail ceist mun bheachd gur e àite air an oir a bh' ann an Dùn Èistean, iomallach bho thrioblaidean poileataigeach na linne.

Thuirt iad gu bheil fianais aca a-nise gur e àite cudromach a bha san Dùn, air a shuidheachadh gus smachd a chur, no co-dhiù sùil a chumail air soithichean a bha a' dol seachad.

Chan e àite iomallach a bha seo, a rèir an luchd-rannsachaidh, is bha conaltradh a' dol eadar na daoine a bha a' fuireach ann agus an saoghal a-muigh.

Chaidh 'Dùn Èistean, Ness' a chur air bhog ann an Comann Eachdraidh Nis aig an deireadh-sheachdain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh