'Mèirle le gunna' an Druim na Drochaid

  • Air fhoillseachadh

Thuirt na Poilis gun do chuir iad duine an grèim ann an Cumbria a tha gan cuideachadh le rannsachadh mu mheirle ann an Druim na Drochaid Didòmhnaich.

Chaidh fios a chur orra mu 10:00f oidhche Dhòmhnaich mu mhèirle à taigh air Coiltie Crescent sa bhaile.

Thuirt na Poilis gun robh duine a tha mu 5'5" de dh'àirde is le craiceann dorcha air a dhol a-steach dhan taigh is coltas gun robh gunna aige, is air airgead iarraidh.

Thathas a' tuigsinn gun do dh'fhalbh e le còrr is £1,000.

Cha deach an gunna a chleachdadh is cha deach duine a ghoirteachadh.

Dhearbh na Poilis gun deach duine a chur an grèim ann an sgìre Chumbria is gu bheil e a' cuideachadh oifigearan a tha a' rannsachadh na mèirle.

Thuirt iad gu bheil Poilis a bharrachd ann an Druim na Drochaid an-dràsta airson draghan sam bith a th' air muinntir an àite a shàsachadh.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun ghnothach fios a chur orra.

Tha iad gu sònraichte 'son cluinntinn bho dhuine sam bith a mhothaich dol a-mach annasach san sgìre oidhche Dhòmhnaich, is duine sam bith a chunnaic VW Passat airgid san sgìre nas tràithe san là.