Gleann Dail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leabhar mu strì fearainn an Gleann Dail

7 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir barrachd eòlais a bhith aig daoine mu strì an fhearainn ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach.

Sin a-rèir an ùghdair Roger Hutchinson, a tha air leabhar ùr a sgrìobhadh mun iomairt a dh'fhàg croitearan anns a' phrìosan, 's a chuir an oighreachd fo smachd na coimhearsnachd aig a' cheann thall.

Chaidh an leabhar "Martyrs, Glendale and the Revolution in Skye" fhoillseachadh ann an Eaglais Shaor na sgìre air an deireadh sheachdain - togalach a bh'aig meadhan an sgeòil.

Tha tuilleadh aig Calum MacIlleathain.