Tuathan-gaoithe gan deasbad

Crainn
Image caption Bhiodh na bu lugha chrann air Tom nan Clach, ach bhiodh iad na b' àirde.

Thèid iarraidh air comhairlichean air a' Ghàidhealtachd cead a thoirt seachad airson dà thuath-gaoithe chonnspaideach.

Chaidh cead a thoirt mar thà dha sgeama le 17 crainn aig Tom nan Clach air Oighreachd Chaladair faisg air Tom Aitinn.

Tha an luchd-leasachaidh, Infinergy, a-nise airson àireamh nan crann a lùghdachadh gu 13 ach gum bi iad nas àirde, 410 troigh seach 360.

Thog cuid dragh gun gabh na crainn fhaicinn à Caisteal Loch an Doirb.

'S e sgeama ùr a th' aig a' chompanaidh RES.

Coilleachaidh

Tha iadsan a' sireadh cead tuath-gaoithe le 13 crainn aig Coilleachaidh faisg air Màm Choire Ghearraig.

Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh dha comhairlichean cead a thoirt dha na pròiseictean.

A rèir an luchd-leasachaidh, nì na sgeamaichean aca feum a thaobh dealan a chumail ris an dùthaich le buananchd ann cuideachd dha na coimhearsnachdan.

Tha a' bhuidheann Sreap Alba, is grunn chomhairlean coimhearsnachd san dà àite, am measg na tha a' cur an aghaidh nam planaichean.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air na h-iarrtasan Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile