Mòintichean fraoich "ann an cunnart"
- Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas Gheamairean na h-Alba air iarraidh air an Riaghaltas ro-innleachd ùr a chur an sàs airson dìon a chur air monaidhean fraoich na dùthcha.
Sheall rannsachadh ùr gu bheil coilltearachd agus àiteachas a' gabhail thairis barrachd de na monaidhean fraoich agus gu bheil seo a' dèanamh cron air beathaichean agus a' cur chosnaidhean nam mòintichean, co-cheangailte ri sealg, ann an cunnart.
'S e aon de na h-`iomhaighean as aithnichte san dùthaich a tha anns na monaidhean fraoich.
Ach a reir caidreachas Geamairean na h-Alba chaidh 20% de na monaidhean fraoich a chall eadar 1940 agus 1970.
Tha an coire air a chur air fàs ann an coilltearachad agus àiteachas, agus ged a tha an caidreachas ag ràdh nach eil iad an aghaidh coilltearachd, tha an aithisg ag ràdh gun tèid 5,000 cileamatair ceàrnagach de mhòintich a shluigeadh le craobhan ro 2050.