Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drochaid-Rathaid Fhoirthe

Chaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba às àicheadh gun deach gearradh ann an cosgais air Drochaid-Rathaid Fhoirthe, agus gur e sin as coireach nach deach mothachadh dhan sgàineadh anns an stàilinn a tha a' fàgail na drochaid dùinte. Thuirt Nicola Sturgeon gun deach an obair-càraidh àbhaisteach air adhart mar a bu chòir. Tha dùil ri aithris oifigeil bho Riaghaltas na h-Alba feasgar an-diugh air suidheachadh na drochaid. Agus bha còmhraidhean ann sa mhadainn an-diugh mu bhuaidh eaconamaich Drochaid Fhoirthe a bhith dùinte. Thuirt Nicola Sturgeon gun dèan an Riaghaltas an dìcheall sin a chuingealchadh cho math 's is urrainn.

Trump

Tha Dòmhnall Trump, an tagraiche airson seasamh dha na Poblachdaich anns na Stàitean Aonaichte, a' faighinn a chàineadh airson casg iarraidh air Muslamaich a tha ag iarraidh a-staigh dha na Stàitean Aonaichte. Thuirt e nach eil ann ach moladh ciallach a chuireadh dìon air Aimeireaga bho ionnsaighean nach eil a' toirt spèis do bheatha dhaoine eile. Tha Comhairle Iosmalach Aimeiraga am measg na tha a' càineadh Dhòmhnaill Thrump airson na thuirt e.

Cumbria

Thuirt Virgin Trains gu bheil iad an dòchas prìomh loidhne a' chosta an iar eadar Alba agus Sasainn fhosgladh an-diugh. Tha an loidhne dùinte le buaidh nan tuiltean ann an Cumbria. Bidh meadhan-là ann air a' char as tràithe mus tòisich na seirbheisean trèana a-rithist air an t-slighe sin. Agus thainig gealltanas bho Riaghaltas na h-Alba an-diugh air taic-airgid dha na sgìrean as miosa a dh'fhulaing.

Pistorius

Dh'innis fear-lagha Oscar Pistorius do chùirt an Afraga a Deas gun dèan e tagradh an aghaidh a dhiteadh airson muirt. Bha Pistorius aig èisteachd anns a' chùirt ann am Pretoria an dèidh a dhiteadh airson bàs a leannain, Reeva Steenkamp, atharrachadh an t-seachain seo chaidh bho mharbhadh gu murt. Chaidh innse dhan lùth-chleasaiche phara-liompaig gun tèid fhàgail an grèim na dhachaigh gus an tèid binn a thoirt air.

An t-Iasgach

Tha iasgairean anns na h-Eileanan an Iar ag iarraidh atharrachadh air an t-siostam far a bheil cuid de na raointean iasgaich dùinte aig amannan sònraichte den bhliadhna. Tha Comann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil cùisean air atharrachadh bho chaidh aonta a dhèanamh bho chionn 30 bliadhna, agus nam biodh atharrachadh ann gum faodadh iad tòiseachadh air iasgach às ùr.