Aiseag Samhraidh stèidhichte aig Cinn Tìre

Bàt-aiseig

Thèid seirbheis aiseig chunbhalach a stèidheachadh tron t-Samhradh eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain an dèidh do sgeama pìleat a bhith soirbheachail san sgìre.

Bha an sgeama pìleat ann fad trì bliadhna air an t-slighe eadar ceann a tuath Shiorrachd Àir agus Cinn Tìre.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun robh an t-seirbheis air a bhith uabhasach fhèin trang, agus gum biodh seirbheis làn-ùine ann tron t-Samhradh ann an clàran-ama Chal Mac.

Thairis air an trì bliadhna a tha an sgeama pìleat air a bhith a' ruith tha an t-seirbheis air còrr air 10,000 neach-siubhail a ghiùlain gach bliadhna sa bhitheantas, agus 2,000 càr.

A' tòiseachadh sa Chèitean, tha an t-seirbheis air a bhith a' ruith trì turas san t-seachdain gach slighe.

Mura cleachdar an aiseig bheir e ceithir uairean de thìde a' dràibheadh eadar Cheann Locha agus Glaschu.