Adhartas dha Urras Ulapuil

Na taighean Image copyright Urras Coimhearsnachd Ulapuil

Tha Urras Coimhearsnachd Ulapuil air adhartas a dhèanamh nan oidhirp smachd a ghabhail air chaletan falamh faisg air a' bhaile.

Dhùin Pàirc Chalet Loch Bhraoin ri taobh an A835 deas air a' bhaile bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Tha cuid air gearain bhon uair sin gu bheil na taighean falamh a' milleadh bòidhchead na sgìre.

Chaidh a' phàirc a chur air a' mhargaidh, is tha an t-Urras airson a ceannach às leth na coimhearsnachd.

Reachdas

Tha iad an dòchas reachdas Riaghaltas na h-Alba a chuidicheas coimhearsnachdan le fearann a cheannach a chur gu feum is taic fhaighinn bho Stòras an Fhearainn.

Tha iad a-nise air luchd-comhairlichidh fhastadh gus an gnothach a ghluasad air adhart.

Thuirt an t-Urras gu bheil grunn bheachdan aca air mar a ghabhas a' phàirc a chur gu feum.

Nam measg tha taighean aig prìs reusanta, àitean-obrach, is taighean is goireasan eile dha luchd-turais.

Thuirt iad gu bheil iad 'son cluinntinn bho mhuinntir an àite is gum biodh iad glè dheònach obrachadh còmhla ri luchd-ghnothaich ionadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile