Dragh an Sealtainn mun Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Thog BPA Shealtainn agus Comhairle na sgìre dragh mu mholaidhean gus àite na Gàidhlig ann am Bile ùr an Fhoghlaim a neartachadh.
Thathas a' moladh a-nise gum bu chòir dùil a bhith aig pàrantan ri foghlam Gàidhlig dhan chuid cloinne ma dhearbhas iad gu bheil iarrtas ann air a shon.
Bha am bile sa chiad dol a-mach a' moladh pròiseas a stèidheachadh tro am feumadh comhairlean a dhol nam faigheadh iad iarrtas airson aonadan Gàidhlig a chur air chois.
Thàinig an Riaghaltas air adhart leis a' bhriathrachas ùr às dèidh do luchd-iomairt a ràdh nach robh am bile mar a bha e a' dol fada gu leòr.
Toileachas
Ged a tha cuid fhathast ag iarraidh bile nas làidire, bha Bòrd na Gàidhlig am measg na rinn toileachas le plànaichean an Riaghaltais.
Is coltach nach ann a' dèanamh toileachais a tha iad ann an Sealtainn ge-tà.
Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim ann an Sealtainn, Vaila Wishart, gun robh i taiceil ri oidhirp gus Gàidhlig a bhrosnachadh, ach gur e mearachd mhòr a bhiodh ann an cànan "a sparradh" air sgìrean far nach eil i san dualchas.
A rèir BhPA Shealtainn, an Lib-Deamach Tabhais Scott, bha e gu tur reusanta gun stèidhicheadh an Riaghaltas pròiseas oifigeil gus iarrtasan 'son FTMG a mheasadh.
Nas fhaide
Thuirt Mgr Scott ge-tà, gun robh an SNP air a dhol na b' fhaide na sin le moladh air dùil ri fogham Gàidhlig.
Thuirt e nach tuigeadh muinntir Shealtainn carson a bhiodh "teagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean Shealtainn" ga fhaicinn mar phrìomhachas.
Thog BPA Arcaibh, Liam MacArtair, dragh mu na molaidhean an t-seachdain seo chaidh.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach tèid foghlam Gàidhlig a thoirt a-steach ann an sgìre sam bith gun fhianais mhath air iarrtas bho phàrantan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Cèitean 2015
- Air fhoillseachadh14 An Dàmhair 2015
- Air fhoillseachadh15 An Dàmhair 2015