Cunnart do dh'iomairt Bheàrnaraigh Leòdhais

Beàrnaraigh Leòdhais

Tha cunnart ann gun caill muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais an t-airgead a fhuair iad 'son an talamh a cheannach agus eas-aonta ann mu luach na h-oighreachd.

Tha a' choimhearsnachd a' tabhann £70,000 air Beàrnaraigh Mhòr 's Beàrnaraigh Bheag a bha fad 50 bliadhna aig Count Robin de la Lanne Mirlees.

Ach tha a mhac-san a' dèanamh dheth gum faigheadh e tòrr a bharrachd air a' mhargaidh fhosgailte.

Cheannaich an Count Beàrnaraigh Mòr, Beàrnaraigh Beag agus na h-eileanan beaga mun cuairt ann an 1964, air £10,000.

Ceanglaichean Cridhe

Bhàsaich e ann an 2012, agus is coltach gun robh dàimh eadar e mar uachdaran agus a' choimhearsnachd gun cus còmhstri fad 50 bliadhna.

Tha an oighreachd a-nis fo shealbh ògha an t-seann uachdarain. Tha athair-san, Pàdraig de la Lanne Mirlees, a tha ag obair às a leth, deònach Beàrnaraigh Mòr a reic ris a' choimhearsnachd air £50,000.

A' bruidhinn tron fhear-lagha aige ann an Steòrnabhagh, thuirt e gu bheil e fhathast dòchasach gun tèid aonta a ruighinn mu luach na h-oighreachd.

Tha e airson Beàrnaraigh Beag, far nach eil duine an-diugh a' fuireach, a chur air a' mhargaidh fhosgailte, agus earrann de na prothaidean a thoirt don choimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil dleasdanas air, mar riaghladair tiomnaidh athar nach maireann, a' phrìs as àirde fhaighinn às leth a mhic, dhan deach an oighreachd fhàgail.

Tha a' choimhearsnachd ag ràdh ge-tà, gun deach luach a chur air an oighreachd mar thà.

"A thuilleadh air gur e fearann croitearachd Bheàrnaraigh a cheannaich an Count nach maireann - agus faodaidh sinn sin aithneachadh mar Bheàrnaraigh Mòr, Beàrnaraigh Beag agus na h-eileanan eile - tha ceanglaichean cridhe làidir aig muinntir an àite ri Beàrnaraigh Beag," thuirt Cathraiche Urras Bheàrnaraigh, Tom Dòmhnallach.

"Tha cladh thall an sin mar eisimpleir. Tha e ann an droch staid an-dràsta, ach tha sinnsirean aig daoine a th' air an tiodhlacadh an sin.

"Tha faireachdainn làidir ann gu bheil Beàrnaraigh Beag na phàirt de Bheàrnaraigh," thuirt e.

Tha an sluagh a-nis air co-dhùnadh gum feum iad brath a ghabhail air an còirichean laghail.

Nochd iad ùidh oifigeil anns an òighreachd, agus ma thèid i air a' mhargaidh feumaidh luchd-lagha an uachdarain a tabhainn orrasan an toiseach.

'S e an ath-cheum laghail dhaibh toirt air an uachdaran am fearann a reic riutha - ceum nach eil iad airson a ghabhail.

Luach

"Dhomhsa dheth, tha sinn air a h-uile rud a b' urrainnear iarraidh oirnn a dhèanamh gus am pròiseas seo a dhèanamh cho geanail 's a ghabhas," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Gu mì-fhortannach, aig deireadh an là, is coltach nach eil rianaiche tiomnaidh a' Chount nach maireann toilichte le sin.

"Ach, mar a thuirt mi roimhe, chan eil esan a' moladh dòigh sam bith eile air an gabh an tairgse sin a leasachadh. 'S e sin an luach a chuireadh air an fhearann," thuirt e.

Caillidh a' choimhearsnachd an t-airgead a fhuair iad airson am fearann a cheannach aig deireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna mura tig aonta.

Bhiodh aca ris na planaichean a th' aca airson an t-àite a leasachadh, agus dà dhreuchd ùr a chur a dhàrna taobh.

"'S iadsan a thàinig thugainne an toiseach, agus thuirt iad gur e dùrachd a' Chount nach maireann gun gabhadh na h-eileanaich thairis stiùir an eilein nan gabhadh sin dèanamh," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Bu thoil leam sin a chur an cuimhne dhaoine, agus a ràdh gun do rinn sinne a h-uile rud mar a bu chòir, chuir sinn air ur beulaibh e, bruidhneamaid gu dòigheil mu dheidhinn gus nach caill sinn an t-airgead a thugadh dhuinn," thuirt e.