Fòirneart an-àirde air Ghàidhealtachd

Seacaid Phoilis

Thuirt an t-oifigear poilis as àirde dhreuchd air Ghàidhealtachd gu bheil dragh air mu na tha de dh'eucoir fhòirneartach san sgìre.

Tha figearan ùra a' sealltainn gun robh 28% a bharrachd den t-seòrsa eucorra sin air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan anns a' bhliadhna mu dheireadh.

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air a' chuid as motha de na daoine a bha an sàs ann an eucoir fhòirneartach a ghlacadh.

Thuirt an t-Àrd-Shuperintendent Julian Innes gun obraich na Poilis gu cruaidh airson dèiligeadh ris an àrdachadh a th' air a bhith ann.

"'S e an co-theacsa san fharsainneachd airson fòirneirt air Ghàidhealtachd, gu bheil e, thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh, air a dhol sìos," thuirt e.

"Tha sin math.

"Ach am-bliadhna, tha na figearan a tha sinn a' faighinn co-ionnan ris na figearan cothromach airson còig bliadhna.

"Chan eil sin a' dol gam shàsachadh gu bràth.

"An coimeas ris a' bhliadhna an-uiridh, tha e fada nas miosa na bha an-uiridh.

"'S e bliadhna air leth math a' bh' ann an-uiridh. Air adhbhar air choireigin bha faireachdainn mhath anns an sgìre seo, agus cha robh ach glè bheag de dh'fhòirneart ann.

"Tha am-bliadhna air a bhith gu tur eadar-dhealaichte.

"Tha sinn a' faicinn dhaoine a' toirt ionnsaigh air càch nach aithne dhaibh, gu math fòirneartach.

"Tha sin air a bhith na rud ainneam air Ghàidhealtachd.

"Tha sinn a' faicinn barrachd fhòirneirt air na sràidean, agus fada a bharrachd fhòirneirt air cùl dhorsan dùinte," thuirt e.