BBC Naidheachdan

Duine sa chùirt às dèidh mèirle

Published
Tha fireannach air nochdadh sa chùirt ann an Inbhir Nis às dèidh mèirle ann an Druim na Drochaid Didòmhnaich.
Chaidh fios a chur air na Poilis mu mhèirle ann an taigh air Coiltie Crescent sa bhaile oidhche Dhòmhnaich
Nochd duine, 35, à Lunnainn ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diciadain ann an co-cheangal ris a' chùis.
Cha do rinn Ali Akguc tagradh sam bith agus chaidh a chumail an grèim.