Taghadh Chupa MhicAmhlaidh air fàire

Pàirc Mossfield. Image copyright MJ Richardson / Geograph
Image caption 'S ann aig Pàirc Mossfield san Òban a bhios cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh.

Thèid an taghadh a dhèanamh Disathairne 'son Chupa MhicAmhlaidh 2016.

Mar as àbhaist, bidh na 16 sgioba as àirde a chrìochnaich san lìog ann an 2015 san taghadh, 8 à deas is 8 à tuath.

Bhuannaich Bail' Ùr an t-Slèibh an fharpais am-bliadhna.

Rinn am Bail' Ùr an gnothach air Inbhir Aora 3-1 sa chuairt dheireannaich, ged a bha coltas nas fhaisge air sin na bha còir is sgioba Bhàideanach pìos math nas fheàrr.

B' e sin an dàrna turas ann an streath a thog iad an cupa is iad air soirbheachadh 2-1 air Caol Bhòid ann an 2014.

Là mòr

B' e là mòr a bha sin dhan chluba is iad gun Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh bho 1986.

Bha na nàbaidhean aca ann an Ceann a' Ghiuthsaich air a thogail 14 turas san eadar-ama.

'S i Flora NicAmhlaidh, a bha na deasaiche air Tìm an Òbain, a thug seachad an cupa an toiseach ann an 1947.

'S ann san Òban a tha a' chuairt dheireannach fhathast.

Chan eil ach aon atharrachadh anns na sgiobaidhean a bhios a' farpais 'son a' chupa am-bliadhna, le Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' tighinn a-steach an àite Chill Mhàillidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile