Laigsean an seirbheis adhair Ìle

  • Air fhoillseachadh
Plèana Loganair
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh Loganair a' ruith sheirbheisean às leth na companaidh Flybe.

Dh'aidaich riochdaire bho Loganair aig coinneimh le Fòram Còmhdhail ann an Ìle nach eil an t-seirbheis-adhair aca dhan eilean air a bhith math gu leòr.

Bha Maurice Boyle ag ràdh gur e cion innleadairean an Glaschu a bu choireach, ach gu bheil iad air barrachd dhaoine fhastadh a-nis.

Ach, cha do ghabh e ris nach robh rùm gu leòr air na h-itealain as t-Samhradh - gu h-àraid do dhaoine a tha a' dol dhan ospadal.

"Is cosail nach eil na plèanaichean a' tighinn ann an àm," thuirt Maureen NicFhionghain, a bha aig a' choinneimh.

Fèisean agus an t-Ospadal

"Gu bitheanta tha iad anmoch, agus corra-uair chan eil iad a' tighinn.

"Agus tha mòran dheth sin ri dhèanamh ri mar nach eil an luchd-obrach aca airson obrachadh air na plèanaichean agus an cumail gu ceart.

"Thuirt Mgr Boyle gu bheil iad a' feuchainn, agus gu bheil gnothaichean a' fàs nas fheàrr.

"Chan eil esan ach an dèidh faotainn na dreuchd seo, agus tha mòran aige ri ionnsachadh.

"Ach tha e a' dol a dh'fheuchainn ri gnothaichean a dhèanamh nas fheàrr dhuinn, agus tha fiughair aige gum bi e air ais, agus gun urrainn dha innse dhuinn dè mar a tha iad a' tighinn air aghaidh.

"Chan eil an còrr ann as urrainn dha a dhèanamh no a ràdh," thuirt i.

Tha ceistean air an togail mu na tha de rùm air itealain a tha a' frithealadh Ìle, gu h-àraid as t-Samhradh.

"Chan eil sin fiadhaich soirbh a fhreagairt co-dhiù," thuirt Ms NicFhionghain.

"O chionn, chan eil fhios agad co mheud a tha a' dol a-mach air a' phlèana leis an NHS, agus chan urrainn dhut innse.

"Chan eil e fiadhaich soirbh dhaibh fios a bhith aca co mheud a tha a' dol ga ùsaigeadh.

"Tha fhios againn aig àm nam fèisean - fèis an jazz, fèis an uisge-bheatha - gu bheil am plèana daonnan a' dol a bhith trang.

"Feumaidh tu suidheachan a bhugadh orra sin còrr is bliadhna air aghaidh, agus tha feadhainn eile feumach air a dhol dhan ospadal aig an aon àm.

"Ach nam b' urrainn dhaibh plèana nas motha fhaotainn a sheasadh suas ris an aimsir againn an seo, agus ris a' ghaoith, bhiodh sin na b' fheàrr," thuirt i.