Taic do mholaidhean an Stòirr

Bodach an Stòirr Image copyright Thinkstock

Tha Urras an Taobh Sear anns an Eilean Sgitheanach den bheachd gu bheil iad air taic fhaighinn sa choimhearsnachd airson am moladh fearann aig an Stòrr a cheannach.

Tha a' bhuidheann a' moladh ionad turasachd agus goireasan parcaidh a chruthachadh aig an làraich, gus cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine tadhail air Bodach an Stòrr agus Druim Thròndarnais.

Dhùin co-chomhairle am measg muinntir na sgìre air na molaidhean air a' mhìos a chaidh.

Thuirt an t-Urras gu bheil coltas ann bhuaithe sin gu bheil taic am measg an t-sluaigh airson a' mholaidh.

Tha iad am beachd 202 acair (82 hectare) a cheannach aig an Stòrr, a tha an-dràsta le Comhairle na Gàidhealtachd.

Thòisich a' bhuidheann analais nas mionaidiche air torraidhean na co-chomhairle, agus thèid còmhraidhean a chumail leis a' Chomhairle.

Thuirt an t-Urras gu bheil an Stòrr na "dhoras cudromach agus na bhrosnachadh eaconamach" do sgìre Stafainn, leis gum bi 70% de na daoine a thadhaileas air an Stòrr an uair sin a' cumail orra gu tuath, tro Stafainn.