Airgead mòr an iasgaich
- Air fhoillseachadh

Fhuair Riaghaltas na h-Alba beagan is £77m às an Roinn Eòrpa airson gnìomhachas an iasgaich a leasachadh, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail.
Bidh airgead cuideachd ri fhaotainn do luchd-giollachd agus tuathanasan-èisg.
Faodar tagradh a dhèanamh airson airgead às an stòras bhon 18mh là den Fhaoilleach, agus bidh e fosgailte suas gu 2020.
"Cothroman"
Thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Sheasmhaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, gu bheil e an dòchas gun tèid brath a ghabhail air an stòras airson obraichean a ghlèidheadh agus feadhainn ùra a chruthachadh.
Thug sgeama eile de a shèorsa, thuirt e, cuideachadh do sgeamaichean air feadh nan Eilean leithid pontùin ann am Barraigh.
"Tha sinn an dòchas gum bi buannachd ann dha tòrr de na coimhearsnachdan a tha an lùib an iasgaich."
"Bidh e greiseag ge-tà mus fhaigh sinn a-mach dè as urrainn dhuinn a dhèanamh agus dè nach urrainn."
Bha rabhadh aige cuideachd ge-tà, mu na riaghailtean teanna a dh'fhaodadh a bhith na lùib.
"Chan eil e cho furasta 's a shaoileadh tu bhon taobh a-muigh - chanadh tu gum biodh seo uabhasach furasta, ma tha pròiseact math agad co-cheangailte ri iasgach cur a-steach air a shon, ach mar as trice tha na riaghailtean gu math teann 's gu math duilich a thuigsinn".
"Ach, deireadh an là bidh e math 's bidh e feumail ma nì sinn feum dheth".