Càirdean mì-chofhurtail

Ann an saoghal poileataigeach na h-Alba, is i an t-sabaid eadar an SNP agus na Làbaraich an tè as cruaidhe.

Tha an dà phàrtaidh ag amas air an dearbh bhuidhinn de luchd-bhòtaidh, agus ged a chanas iad gur iad na Tòraidhean an nàmhaid as motha, bho latha gu latha, tha càirdeas nas fheàrr aig an dà phàrtaidh le pàrtaidh Ruth Davidson na tha eatorra fhèin.

Nuair nach robh mòr-chuid aig na nàiseantaich, eadar 2007 agus 2011, b' ann tric a bha iad an urra ris na Tòraidhean airson nam buidseatan aca fhaighinn tron phàrlamaid.

Agus, air thoiseach air an reifreann air neo-eisimeileachd, thàinig na Làbaraich agus na Tòraidhean còmhla gus Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Nach mòr a' phrìs a phàigh iad airson sin aig an taghadh am bliadhna.

A-nochd, ge-tà, thig an SNP agus an Làbaraich còmhla gus cur an aghaidh ath-leasachaidh Thòraidhich air lagh nan aonaidhean-ciùird.

Duilich

Tha dùil gum bi mu 2000 neach aig tachartas an STUC ann an Glaschu a-nochd gus fianais a thogail an aghaidh Bile nan Aonaidhean-Ciùird.

Nam measg bidh Nicola Sturgeon agus Jeremy Corbyn.

Tha aig riaghaltas aig Westminster airson a dhèanamh nas duilghe stailc a ghairm.

Fon bhile, dh'fheumadh co-dhiù 50% de bhallrachd an Aonaidh a bhith an sàs ann an baileat stailce - anns an roinn phoblaich, bhiodh taic a dhìth bho 40% de dhaoine aig an robh cead-bhòtaidh.

Agus, tha iad airson a dhèanamh nas duilghe dhaibh - agus tromhpasan, don phàrtaidh Làbarach - airgead a thogail, a' cur crìch air a' chead a tha aig na h-aonaidhean airgead a thogail dìreach bho thuarasdail nam ball aca.

Tha Ms Sturgeon agus Mgr Corbyn le chèile an aghaidh seo - ach chan eil aonta aca mun dòigh as fheàrr stad a chur air.

Bacadh

An-diugh dhearbh oifis an Oifigeir Riaghlaidh aig Holyrood, nach robh Trishia Marwick a' gabhail ri argamaid riaghaltas an SNP gum bitheadh cead na Pàrlamaid Albannaich a dhìth mus deigheadh am bile a chur an gnìomh mu thuath.

Fhuair an Oifigear Riaghlaidh nach robh am bile a' buntainn ri comasan na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann agus mar sin cha bhitheadh cead na Pàrlamaid a dhìth.

Thuirt labhraiche a' Phrìomh Mhinisteir gun toireadh iad sùil air dòighean eile gus bacadh a chur air a' bhile.

Ach, thuirt i gur e an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh cumhachd air lagh na h-obrach a thoirt do Holyrood.

Cha ghabh na Làbaraich ris agus iad a' cur taic ri còirichean cumanta do luchd-obrach air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Bidh Jeremy Corbyn ri taobh Nicola Sturgeon ann an Glaschu a-nochd - ach a dh'aindeoin cho faisg is a tha iad air cùisean eile, tha ceist na bunreachd daonnan ann airson am putadh bho chèile.