Gnìomhachas bainne Chinn Tìre an èiginn

Bainne

Tha gnìomhachas a' bhainne ann an Cinn Tìre agus Eilean Bhòid ann an èiginn, agus tha cuid de thuathanaich a' beachdachadh air an cuid chruidh a reic.

Thuit a' phrìs a thathas a' faighinn airson gach liotair bainne timcheall air 50% ann am bliadhna.

Feumaidh tuathanaich am bainne a reic ri aon chompanaidh.

"Tha gnothaichean ann an droch staid an-dràsta ann an Cinn Tìre," thuirt Linda NicIllEathain, a tha pòsta aig duine bho theaghlach a th' air a bhith an sàs anns a' ghnìomhachas bho chionn iomadh ginealach.

Sàr-chàis

"Tha sinn a' faighinn leth na bha sinn a' faighinn aig an àm seo an-uiridh.

"An-dràsta chan eil sinn a' faighinn ach 15sg airson gach liotair de bhainne.

"Chan eil sgàth airgid againn airson dad a cheannach a bharrachd air stuth airson an tuathanas a chumail a' dol bho là gu là, agus biadh a cheannach airson nam beathaichean tron Gheamhradh," thuirt i.

Tha Ruairidh Colville na chomhairliche san sgìre, agus cuideachd na thuathanach, agus tha e gu math draghail mun bhuaidh a bheiradh e air Cinn Tìre nan cuireadh na tuathanaich an cuid stuic bhuapa.

Tha aithisg a' sealltainn gu bheil crodh bainne a' dèanamh 70% de GDP na sgìre.

"Ma bheir thu am bainne sin air falbh, ma bheir thu an luach mòr a tha sin air falbh, dè th' ann an Cinn Tìre?" thuirt Mgr Colville.

"'S e sgìre feòir a tha seo, agus tha mi a' smaointinn gu bheil e gu tur bunaiteach do dh'eaconamaidh na sgìre gu lèir.

"Ma bheirear crodh bainne a-mach à sin, bidh dragh mòr mòr orm airson na tha ri teachd.

"Ma chailleas sinn càil a bharrachd, caillidh sin meud seasmhach a' ghnìomhachais.

"Feumaidh sinn smachd fhaighinn air ais ann an làmhan ionadail, gus an tèid againn air an t-sàr-chàis a nìthear san sgìre seo a dhèanamh," thuirt e.

Tha a' bhuidheann Fearann agus Oighreachdan na h-Alba a' cur cuideim air an Riaghaltas, comhairlean agus Iomairt na Gàidhealtachd rudeigin a dhèanamh gus an gnìomhachas a shàbhaladh.

"Tha sinne an dùil sgrìobhadh thuca a mhìneachadh gu bheil crodh bainne ann an Cinn Tìre, ann am Bòd agus Giogha, cho buileach riatanach do dh'Earra-Ghàidheal, gum feum iad a h-uile rud a ghabhas a dhèanamh feuch fuasgladh fhaighinn dhan duilgheadas a th' ann an-dràsta," thuirt Drew MacPhàrlann Slack, bhon bhuidhinn.