Heileacoptair air tubaist a sheachnadh

F15 Image copyright Thinkstock

Thàinig e am follais gum b' fheudar do phìleat heileacoptair nam Maor-Cladaich an t-itealan a ghluasad gu h-obann na bu thràithe den bhliadhna, agus coltas ann gum buaileadh itealan cogaidh Aimeireaganach ann.

Thachair a' chùis fhad 's a bha criubha an heileacoptair an sàs ann an iomairt teasairginn os cionn Beinn Nibheis air an 3mh là den Lùnastal.

Mheas am pìleat gun robh am plèana USAD F15, fear de cheithir a bh' air eacarsaich trèanaidh, air gabhail a-steach don sgìre-adhair a bh' air a comharrachadh airson na h-iomairt teasairginn.

Thuirt Bòrd-sgrùdaidh Airprox nach robh cunnart air a bhith ann gum bualadh an dà itealan na chèile.

Thuirt buill a' Bhùird-sgrùdaidh gur e mar bha an dithis phìleat fadalach ann a bhith a' faicinn itealain a chèile a bu choireach ris na thachair.

Bha mar a bha an aimsir aig an àm - le ceò mu Bheinn Nibheis - agus cruth na tìre a' cur ris an duilgheadas sin, ach thuirt am Bòrd gun do rinn an dithis phìleat na bha a dhìth ann an àm gus tubaist a sheachnadh.

Bha pìleat an heileacoptair air an itealan a rolaigeadh gu ruige talamh àird, agus e a' meas gun robh cunnart "mòr" ann.

Fhad 's a bha pìleat a' phlèana a' seachnadh an heileacoptair, chuir e fios air na plèanaichean eile a bha a' gabhail pàirt san eacarsaich, agus esan a' meas gun robh cunnart "beag" ann.

Thuirt am Bòrd gur dòcha gun do chuir mar a nochd an F15 gu h-obann iongnadh air pìleat an heileacoptair.

Cho-dhùin buill cuideachd gun robh na plèanaichean faisg air an sgìre-adhair chomharraichte, ach nach robh iad air a dhol a-steach ann.