BBC Naidheachdan

Mortair air teicheadh à prìosan

Published
image copyrightPolice Scotland
image captionChaidh Seumas Casey a chur dhan phrìosan son mort ann an 1990.
Tha na poilis a' sireadh neach, a fhuair binn beatha 'son fear a bha na mhanaidsear air club sòisealta ann an Inbhir Ghordain a mhort, an dèidh dha teicheadh às a' phrìosan.
Chaidh Seumas Casey, 50 bliadhna a dh'aois, a chur dhan phrìosan bho chionn 25 bliadhna às dèidh dha Iain MacBheatha a' mhort fhad 's a bha e dèanamh meirle air a' chlub shòisealta ann an Inbhir Ghòrdain.
Fhuair e binn prìosain 11 bliadhna 's chaidh e leigeil ma sgaoil air cùmhnant ann an 2002.
Cha robh ach beagan sheachdainean gus an robh Casey sa phrìosan a-rithist, ge-ta, 's e air gunna a' chleachdadh ann am meirle air oifis puist ann an Lodain an Iar.
Chaidh mothachadh aig 9:00f an-raoir nach robh Casey air tilleadh dhan phrìosan fhosgailte - Castle Huntley - às dèidh dha bhith a-mach airson an latha.
Tha na poilis a' tuigsinn gu bheil e a' dèanamh air Inbhir Nis, agus dh'iarr iad air daoine gun a dhol faisg air.