Ath-fhiadhachadh ga dheasbad

  • Air fhoillseachadh
Lioncs
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dragh air tuathanaich 's croitearan mun chall a dh'fhaodadh beathaichean fiadhaich a dhèanamh air stoc

Bidh coinneamh ann an Dùn Èideann a' coimhead ris an deasbad mu "ath-fhiadhachadh" neo a' toirt bheathaichean fiadhaich air ais gu àrainneachdan far am b' àbhaist dhaibh a bhith a' tighinn beò mus deach iad à bith.

Tha planaichean ann airson beathaichean leithid an lioncs, am madadh-allaidh agus an torc a thoirt air ais a Bhreatainn.

Tha iomagain air tuathanaich 's croitearan ge-tà mun chall a dh'fhaodadh na beathaichean sin a dhèanamh air stoc.

Tha ceist ann cuideachd mu dè cho sàbhailte 's a bhiodh na monaidhean dha leithid luchd-coiseachd nan deadh beathaichean fiadhaich a leigeil ma sgaoil, ged a bhiodh iad sin air an cumail ann am pàircean mòra.

Cluinnear cuideachd ge-tà, mu mar a tha ath-fhiadhachadh air soirbheachadh ann am pàirtean eile den Roinn Eòrpa.

Tha beachd ann cuideachd gum faodadh na planaichean togail a thoirt do ghnìomhachas na turasachd le luchd-turais a' tighinn a dh'Alba a dh'aona ghnothaich airson na beathaichean a choimhead.

Bidh an gnothach ga dheasbad Diluain aig coinneimh-bhliadhnail Chomann Èic-eòlais Bhreatainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh