Ceist mu dhleastanas Bhòrd na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Cha bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith a' gabhail thairis na h-obrach a tha buidhnean Gàidhlig eile a' dèanamh, a rèir Chathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Bha Hamish Friseal a' bruidhinn an dèidh do ChLÌ Gàidhlig innse gu bheil iad an cunnart a dhol à bith.
Tha am Bòrd a' dol a sguir gam maoineachadh mar a bha, agus iad ag ràdh gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh ro-innleachd ùr a chur air dòigh, agus gun cùm an obair a tha CLÌ Gàidhlig air a bhith a' dèanamh a' dol.
Am beachd Mhgr Fhriseil, cha deach am Bòrd a chur air a bhonn airson buidhnean Gàidhlig a dhùnadh sìos, 's tha e ag ràdh gu bheil ceistean mòra rim faighneachd.
"Tha e gu math duilich gu bheil CLÌ anns an t-suidheachadh a tha seo," thuirt Mgr Friseal.
"Buidheann a bh' ann a bha a' dèanamh mòran obrach, gu h-àraid le feadhainn a bha ag ionnsachadh Gàidhlig agus a' toirt seachad chùrsaichean, agus a' dèanamh mòran rudan eile.
"Tha luach anns an obair a tha iad air a bhith a' dèanamh, agus bidh luach anns an obair ge b' e cò nì e às an dèidh.
"Chan eil mi a' faicinn gur e sin an obair a bu chòir dhan Bhòrd a bhith a' dèanamh, a rèir mar a chaidh a stèidheachadh aig an fhìor thoiseach.
"Tha buidhnean ann a nì an obair a tha sin, agus tha còir aca a bhith a' coimhead air sin an àite 's dòcha a bhith a' toirt na h-obrach a-steach dhan bhuidhinn aca fhèin.
"Ma tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a dhèanamh na h-obrach is còir dhaibh a bhith a' dèanamh a rèir mar a chaidh an stèidheachadh, bha còir aca a bhith a' coimhead air 's dòcha ciamar a chumadh iad CLÌ Gàidhlig a' dol, agus an dèanadh iad beagan nas fheàrr iad, ma tha rud nas fheàrr ri dhèanamh orra.
"Ach mura h-urrainn dhaibh sin a dhèanamh tha buidhnean eile ann, leithid na Comhairle fhèin, a dhèanadh an aon obair, 's a tha deagh ghrunnd aca airson sin a dhèanamh.
"Chan eil sinne a' cluinntinn guth bho Bhòrd na Gàidhlig mu dheidhinn nan rudan a tha sin, agus tha sinne ann an suidheachadh gu math làidir airson a bhith a' dèanamh rudan mar sin mar chomhairle.
"Aig an ìre a tha seo cha b' urrainn dhomhsa a ràdh gu bheil a' Chomhairle deònach sin a dhèanamh, ach 's e rud a th' ann is còir a bhith anns an amharc aig cuideigin.
"Cò tha a' dol ga dhèanamh? O chionn, chanainnsa nach eil e anns an dreuchd aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a' gabhail thairis chompanaidhean beaga mar sin agus a' dèanamh na h-obrach aca.
"An obair a bu chòir a bhith aig Bòrd na Gàidhlig, 's e a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil neartachadh a' tighinn air figearan na tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus chan eil mi a' faicinn ma tha iad a' tòiseachadh air gearradh sìos nam buidhnean a tha a' toirt seachad nan seirbheisean a tha sin, agus a' dèanamh oidhirp mhòir air a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig, ga leudachadh 's a' dèanamh feum mhòir do dhaoine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, cò tha a' dol ga dhèanamh?
"Chan eil mise cinnteach an e sin an obair is còir a bhith aig Bòrd na Gàidhlig," thuirt e.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig nach eil iad airson càil a ràdh mun chùis aig an ìre seo.