Comhairle do luchd-coiseachd
- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba am measg na tha a' cur ìmpidh air luchd-sreap nam beann 's luchd-coiseachd a dhèanamh cinnteach gu bheil iad air an uidheamachadh ceart mus dèan iad air na beanntan thar a' Gheamhraidh.
Chaill 12 duine am beatha air beanntan na h-Alba an-uiridh, agus rinn sgiobannan teasairginn cobhair air còrr is 600 duine.
Thathas a' moladh do dhaoine beachd fhaighinn mus tèid iad a-mach air cò ris a tha an aimsir coltach, agus mapa 's combaiste a thoirt leotha.
Bu chòir cuideachd uidheaman leithid làmhag-deighe agus crampannan a bhith aca.
Thuirt Ministear an Spòrs, Jamie Hepburn, gu bheil àrainneachd nàdarra na h-Alba gu math brèagha aig an àm seo den bhliadhna, ach gum bu chòir do dhaone ullachadh ceart a dhèanamh, agus an ciall reusanta a chleachdadh, airson iad fhèin a chumail sàbhailte.
Cosgaidh Riaghaltas na h-Alba còrr is £1.8m air sàbhailteachd nam beann am-bliadhna.