Cothrom Dick Walsh a cheasnachadh
- Published
Bidh cothrom aig daoine ceistean a chur air Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Dick Walsh, air loidhne oidhche Luain.
Bidh Mgr Walsh ri fhaotainn air làrach-lìn na Comhairle eadar 6:00f agus 7:00f, airson ceistean a fhreagairt mu phlanaichean na Comhairle airson £26m a chùmhnadh san ath-chòig bliadhna.
Thuirt e gu bheil cha mhòr 800 duine air beachdan a chur thuca mar-thà air na th' anns an amharc aca airson airgead a shàbhaladh.
Chaidh plana connspaideach airson an àireamh luchd-obrach a bheir taic do chloinn le feumalachdan sònraichte anns na sgoiltean a ghearradh 45% a leigeil às bho chionn beagan sheachdainnean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 26 An t-Samhain 2015
- Published
- 8 An Dàmhair 2015
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh