Binn prìosain airson ionnsaighean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn, dà bhliadhna 's naoi mìosan sa phrìosan, air fear a thug ionnsaighean air dithis bhoireannach agus leanabh ann an Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.

Bhuail Calum Dòmhnallach, 47, am balach le caman agus, turas eile, chùm e a cheann sìos ann an sionc làn uisge.

Thug e ionnsaigh cuideachd air dithis bhoireannach - gam bualadh agus gam breabadh.

Fhuair diùraidh ciontach e roimhe air còig casaidean ionnsaigh eadar 1988 agus 2008.

Chaidh casaidean èigneachaidh agus casaid de dh'ionnsaigh dhrabasta a bha na aghaidh a leigeil às.

Tha e air a bhith anns a' phrìosan bhon Ghearran am-bliadhna.