MV Isle of Lewis ga diùltadh air Foirthe

MV Isle of Lewis

Chaidh beachdachadh air tè de bhàtaichean-aiseig Chal Mac a chleachdadh air Linnhe Fhoirthe fhad 's a tha an drochaid rathaid dùinte.

Ach chaidh na planaichean a chur an dàrna taobh aig an ìre seo ri linn 's nach robh soitheach ann a bha freagarrach.

Chaidh coimhead ris an MV Isle of Lewis a chleachdadh, ach bhathas den bheachd gun toireadh e ro fhada carbadan fhaighinn oirre agus dhith air slighe cho goirid.

Tha Còmhdhail na h-Alba air a bhith a' coimhead air dòighean eadar-dhealaichte airson cùisean a dhèanamh nas fhasa do luchd-siubhail eadar Fìofa agus Dùn Èideann bho chaidh Drochaid Rathaid Fhoirthe a dhùnadh air 4mh an Dùbhlachd, an dèidh do luchd-einnsinnìridh sgàineadh a lorg ann an stàilinn na drochaid.

Thuirt a' bhuidheann gun deach sgrùdadh mionaideach a dhèanamh feuch ciamar a dh'obraicheadh bàt'-aiseig air an t-slighe an coimeas ris na busaichean is trèanaichean a bharrachd a th' ann airson daoine agus bathar fhaighinn thar na linne, ach nach gabhadh am plana obrachadh leis na soithichean a th' ann.