Maoineachadh ga dhiùltadh do thaigh-tasgaidh

Taigh-tasgaidh Eilginn

Dhiùlt comhairlichean ann am Moireibh iarrtas maoineachaidh bho Thaigh-tasgaidh Eilginn.

'S e Taigh-tasgaidh Eilginn an taigh-tasgaidh neo-eisimeileach as sine an Alba.

Bha an fheadhainn leis a bheil an taigh-tasgaidh, Comann Mhoireibh, air iarraidh cha-mhòr £45,000 de ghranta thar an ath-thrì bliadhna, an dèidh dhaibh plana-ghnothachais ùr a chur a-steach, agus iarrtas na bu thràithe den bhliadhna air a chur dheth.

Bha am plana-gnothachais a' gabhail a-steach an taigh-tasgaidh a mhargaidheachd ri barrachd dhaoine, le bhith a' cumail diofar thachartasan corporra agus bainnsean ann.

Bha sùil aig a' bhuidhinn, le bhith a' dèanamh sin, gum faigheadh iad 10% a bharrachd dhaoine gach bliadhna a' tadhail orra.

Ach bha cuid de chomhairlichean air Comataidh an Leasachaidh Eaconamaich 's nan Seirbheisean Bun-structair teagmhach fhathast co-dhiù faigheadh an taigh-tasgaidh air a bhith fèin-sheasmhach aig deireadh nan trì bliadhna a mhaireadh am maoineachadh.