Sgrùdadh ga iarraidh air NHS Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil dòchas ùr aca àn dèidh do Chomataidh nan Ath-Chuingean Poblach aig Holyrood sgrùdadh neo-eisimileach iarraidh air planaichean crathadh a thoirt air seirbhisean slàinte na sgìre.
Thug SOS-NHS fianais dhan Chomataidh Dimàirt, agus iad air ath-chuinge le 4,500 ainm a thoirt seachad dhaibh.
Tha dotairean teaghlaich aig Ospadal Phort Rìgth cuideachd air cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh.
Tha iad ag ràdh gum fàgadh am plana a th' ann lùghdachadh ann an seirbheisean am Port Rìgh.
"Dòigheil, cothromach"
Thug Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, a taic dhan phlana na bu thràithe den bhliadhna.
Ach iarraidh a' Chomataidh oirre a-nis ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a chur air dòigh air mar a rinneadh an co-dhùnadh.
Tha na planaichean air mì-thoileachas adhbharachadh, gu h-àraid ann an ceann a tuath an eilein, agus iad a' gearain nach bi uiread de sheirbheisean am Port Rìgh 's a tha an-dràsta, 's gum feum iad còrr air uair de thìde a thoirt a' siubhail chun an ospadail ùir anns an Ath Leathann.
Chuir NHS na Gàidhealtachd dìon air mar a chaidh na molaidhean a mheasadh le buidhinn-stiùiridh.
Tha cuideachd Comhairle Slàinte na h-Alba air a ràdh gun robh am pròiseas ceart.
A' toirt freagairt air co-dhùnadh na Comataidh, thuirt labhraiche do NHS na Gàidhealtachd: "Tha sinne den bheachd gun robh a' cho-chomhairle a chum sinn air na h-atharrachaidhean a tha gam moladh san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus iar-dheas Rois daingeann agus cothromach, agus tha Comhairle Slàinte na h-Alba air an aon ràmh rinn.
"Gu dearbha, rinn Comhairle Slàinte na h-Alba ath-sgrùdadh iomlan agus neo-eisimeileach air a' phròiseas mus do chuir iad an taic ris.
"Le bhith a' cur taic ris na molaidhean againn sa Ghearran, thuirt an rùnaire chaibineit airson slàinte, soirbheas agus spòrs gun robh i air a sàsachadh gun do làimhsich NHS na Gàidhealtachd a' chùis gu "dòigheil, cothromach, a' toirt iomadh cothrom reusanta do mhuinntir an àite am beachdan a thoirt am follais".
"Tha sinn, gu nàdarra, duilich gu bheil cuid de dhaoine an ceann a tuath an eilein a' faireachdainn gu bheil laigsean anns na h-atharrachaidhean a thathas a' moladh."