NHS na Gàidhealtachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ath-sgrùdadh air atharrachadh slàinte

16 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead às ùr air mar a chaidh co-dhùnadh a ruighinn mu bhith a' toirt cruth-atharrachaidh air seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus taobh siar-dheas Rois.

Rona seo ghabh an Riaghaltas ri moladh bho NHS na Gàidhealtachd airson ospadal ùr san Ath Leathann agus nas lugha de sheirbheisean aig Ospadal Phort Rìgh.

Ach Dimàirt, às dèidh do Bhuill-Phàrlamaid beachdachadh air ath-chuinge bho bhuidinn iomairt a tha a' cur an aghaidh nam planaichean, cho-dhùin iad iarraidh air Shona Robison ath-sgrùdadh a chur air dòigh le panail neo-eisimeileach.

Tha am fear-naidheachd phoileataiceach againn, Mìcheal MacNèill, ag aithris.