Dùthaich MhicAoidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu leasachadh oighreachdan

16 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thog cuid de chomhairlichean Chataibh dragh mun ghainnead fiosrachaidh a th' ann mu leasachadh oighreachdan san sgìre.

Bha plana airson ionad turasachd ann an Tunga ro Chomataidh Iarrtasan Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd madainn Dimàirt.

Ged nach robhas a' bhotadh air fhathast, bha feadhainn fhathast iomagaineach mun dìth mìneachaidh a bha a' chompanaidh Wildland Eta air foillseachadh 'son na sgeama air trì oighreachdan anns an sgìre.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' cumail fios ris a' choimhearsnachd.

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris.