Bile an Fhearainn ga dheasbad

Fearann

Thèid làn-deasbad a chumail air Bile Ath-Leasachaidh an fhearainn ann am Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair Diciadain.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gun toir na planaichean crathadh air siostam fearainn na dùthcha - ach tha dragh air cuid mu na dh'fhaodadh a bhith air fàire.

Tha Nicola Sturgeon air a ràdh roimhe nach ann an làmhan a' bheag-chuid a bu chòir am fearann a bhith.

Am measg eile tha i ag iarraidh gum feum oighreachdan seilge cìsean gnothachais a phàigheadh.

Dh'fhaodadh cuideachd gun tèid iarraidh air uachdarain nach eil a' dèanamh an fheum as fheàrr den talamh am fearann aca a reic.

Tha luchd-strì den bheachd nach eil sin, agus am bile a tha seo, a' dol fada gu leòr.

Air an làimh eile, tha a' bhuidheann a' tha a' riochdacadh uachdaran na dùthcha ag ràdh gun toir e buaidh mhòr orrasan, le call airgid agus call cosnaidh na chois.

Thèid iarraidh air Buill-Phàrlamaid taic a chur ris a' bhile ann am prionnsabal Diciadain.

Bidh cothrom ann atharrachadh a thoirt air ann an ùine nach bi fada.