Cuotathan iasgaich an-àirde
- Air fhoillseachadh
Chuir Caidreachas Iasgairean na h-Alba fàilte air aonta a chaidh a ruighinn anns a' Bhruiseil air cuotathan.
Tha an cuota airson tòrr de na seòrsaichean èisg a tha iasgairean na h-Alba a' glacadh a' dol suas.
Bidh an cuota airson mhuasgan-caola a' chosta an iar a' dol suas 16%, ged a bhios cuota a' Chuain a Tuath sìos 23%.
Thèid cuota truisg a' Chuain a Tuath suas 15%.
Bidh sgadan a' Chuain a Tuath suas 16% agus bidh an cuota airson adagan a' dol an-àirde 30%.
Bidh mic-làmhaich suas 20% is mìgrimean an-àirde 26%.
Cha tig atharrachadh sam bith air a' chuota airson chuiteagan anns a' Chuan a Tuath, no air lèabagan-rapach.
Thèid na cuotathan ùra a thoirt a-steach anns an Fhaoilleach.
Chuir Àrd-Stiùiriche Caidreachas Iasgairean na h-Alba, Bertie Armstrong, fàilte air an aonta - ach thuirt e gu bheil duilgheadasan mu choinneimh iasgairean fhathast, gu h-àraid na riaghailtean mu bhith a' tilgeil èisg air falbh.