Gearraidhean a bharrachd aig tuath

Airgead

Thuirt ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd agus Chomhairle nan Eilean Siar gun toir am buidseat a dh'fhoillsich Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, Diciadain, buaidh nas motha orra na bha dùil.

Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd a-niste £40m a chùmhnadh thar an dà bhliadhna a tha romhainn.

Sin an deicheamh cuid den bhuidseat aca air fad, an dèidh dhaibh gearraidhean 6% a chur an sàs bho 2008.

Tha iad a-nis a' faighneachd den luchd-obrach aca a bheil iad airson an obair fhàgail gu saor-thoileach.

Dùbhlan

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh, gu bheil iad ann an suidheachadh dòrainneach dha-rìribh a-niste, agus gun tèid na ceudan chosnaidhean a chall, an cois lùghdachaidh air seirbheisean.

Aig a' cheart àm thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun dèan iad co-chomhairle sa bhliadhna ùir air an ath-shreath de ghearraidhean a bhios acasan, is iad ag ràdh gun robh buidseat Iain Swinney na bu chruaidhe orra na bha iad an dùil.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e follaiseach gu bheil dùbhlan dha-rìribh gu bhith againn thairis air a' bhliadhna a tha romhainn agus cuideachd 's dòcha a' bhliadhna às dèidh sin," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gun robh sinn a' faicinn gun robh an suidheachadh gu bhith duilich.

"Ach airson an fhìrinn innse tha sinn aig an rud as miosa den mhaoin a bha sinn a' smaoineachadh a bha sinn a' dol a lorg airson gearraidhean anns a' bhliadhna a tha romhainn.

"Bha sinn ag ràdh gun robh sinn a' coimhead ri eadar £4m agus £6m.

Cothromach

"Agus tha sinn air còrr air £5m a thoirt a-mach às an ionmhas bhliadhnail againn, agus tha sin a thuilleadh air £20m a th' air a thighinn a-mach às na buidseatan a tha sin anns na còig bliadhna a chaidh seachad.

"Tha sin gu bhith na dhùbhlan duilich dha-rìribh," thuirt e.

Thuirt Mgr Swinney gun robh gearraidhean mu 27% air tighinn air comhairlean ann an Sasainn, agus gun robh Riaghaltas na h-Alba air a bhith cothromach do chomhairlean na h-Alba thar iomadh bliadhna.

Ach thuirt a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, nach gabhar ris na gearraidhean idir.

Tha iadsan ag ràdh gum feum suas ri 15,000 cosnadh falbh ri linn.

Tha casg an-dràsta air a' chìs chomhairle àrdachadh - le càin a' tighinn air ùghdarrasan ionadail a chuireas a' chìs an-àirde - rud a tha a' fàgail chomhairlean gun chomas air airgead a thogail dhaibh fhèin, a thuilleadh air na bheir an Riaghaltas dhaibh.