779 eòin-chreachaidh gam marbhadh

  • Air fhoillseachadh
Iolaire-mhara òg

Fhuair sgrùdadh gun deach 779 eòin-chreachaidh a mharbhadh gu mì-laghail ann an Alba san 20 bliadhna mu dheireadh. haidh na figearan a chur ri chèile le Comann Rìoghail Dìon nan Eun (CRDE), a tha ag ràdh gu bheil mòran uachdaran fhathast gan giùlain fhèin gun chùram.

Chaidh a shealltainn cuideachd ge-tà, gu bheil lùghdachadh a' tighinn air na tha de dh'eòin-chreachaidh a tha gam marbhadh.

Choimhead an sgrùdadh air figearan bho na bliadhnaichean eadar 1994 agus 2014.

Bha na figearan a' sealltainn mar a chaidh leithid iolairean buidhe agus clamhain ghobhlach a phuinnseanachadh, a mharbhadh le gunnaichean, no a ghlacadh ann an ribeannan.

Thuirt an CRDE, gur ann an sgìrean far a bheil oighreachdan seilge a thachair a' mhòr-chuid dheth.

Thuirt iad gu bheil cus uachdaran an Alba fhathast gan giùlain fhèin gun chùram.

Aig a' cheart àm, tha Buidheann Mhòintich na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan uachdaran air oighreachdan seilge, ag ràdh mar fhreagairt gu bheil na tha de dh'eòin-chreachaidh gam marbhadh air lùghdachadh thar nam 20 bliadhna air an do choimhead rannsachadh an CRDE.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iadsan air gluasad ann an iomadh sgìre gus dèiligeadh ris an trioblaid.