Taic na Pàrlamaid do Bhile an Fhearainn

Machair Image copyright Hazel Smith
Image caption Machair

Chuir Pàrlamaid na h-Alba an taic ann am prionnsabal ri Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn Diciadain.

Chaidh innse am measg eile gum bi neach le Gàidhlig air Coimisean ùr an Fhearainn.

Bha am bile a' dol tron chiad ìre aig Holyrood le cuid de bhuil a' togail ceist mu chìsean air oighreachdan spòrs.

Bhòt na Tòraidhean an aghaidh a' bhile agus dragh orra mun bhuaidh a bhiodh air uachdarain phrìobhaideach.

Radaigeach?

Ach a dh'aindheoin gu bheil cuid a' gearain nach eil am bile radaigeach gu leòr, tha Calum Macleòid a tha na fhear-lagha, ag ràdh gu bheil tòrr na lùib.

"Nuair a tha thu a' cur a h-uile pìos den bhile ri chèile, chanainn gu bheil e raidigeach, ach tha e fìor a ràdh gum faodadh pàirtean dheth a bhith na bu làidire", thuirt e.

Chaidh cuid de rudan nach eil an-dràsta sa bhile a dheasbad cuideachd, nam measg sin gum biodh bacadh air companaidhean a tha stèidhichte neo air an clàradh air taobh a-muigh na Roinn Eòrpa.

Dh'iarradh cuid gun deadh bacadh a chur orrasan bho bhith a' ceannachd fearainn ann an Alba, rud a dh'fhoadadh fhathast a bhith sa bhile.

Draghan

Tha cuid nach eil cho cinnteach mu na tha san amharc a thaobh leasachadh fearainn, nam measg sin Aonadh nan Tuathanach an Alba.

"'S e an dragh a th' oirnn nach eil cinnt ann air dè na h-adhbharan ris an gabhadh an Riaghaltas airson an talamh a ghabhail seachad bho na h-uachdarain", thuirt Raibeart Dòmhnallach bhon bhuidhinn.

"An dòigh sa bheil am bile air a chur a-mach, chan eil cinnt sam bith ann dè na h-adhbharan air an gabhadh an Riaghaltas an talamh os laimh."

"Cò tha a' dol a ràdh dè th' ann an droch uachdaran," thuirt e.