Teàrlach MacColla air bàsachadh

  • Air fhoillseachadh
Teàrlach MacColla 's a bhean MàiriTùs an deilbh, Other

Bhàsaich an seinneadair Teàrlach MacColla à Loch Abar aig aois 69.

Bha e fad 30 bliadhna a' cruinneachadh airgid airson mhòdan ionadail agus dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail air feadh na h-Alba.

Chaidh sàr-charaid a' Mhòid a bhuileachadh air aig Mòd an Òbain bho chionn ghoirid.

Tha e a' fàgail banntraich, Màiri, an gille Calum agus an nighean Fiona.

Rugadh Mgr MacColla an Ath Tharracail ach bha e fad bhliadhnaichean a' fuireach sa Ghearasdan.

Bhuineadh e do theaghlach cheòlmhor, 's thug e fhèin 's a theaghlach clàr a-mach air an robh "Dà Thaobh Loch Seile" sa bhliadhna 2000.

Air taobh athar bha e càirdeach ris a' bhàrd Dòmhnall MacColla a sgrìobh leithid "Balachan Beag a' Chuailean Bhàin'.

Bha Mgr MacColla aithnichte airson a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha, 's e tric a' cumail chèilidhean ann an Taigh-Òsta an West End sa Ghearasdan.