400 cosnadh a' falbh aig Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Thàinig rabhadh bho fhear de chomhairlichean na Gàidhealtachd gum faodadh gun tèid luchd-obrach a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil agus iad a' feuchainn ris a' bhuidseat aca a chothromachadh.
Chaidh fios a chur air luchd-obrach na Comhairle na bu thràithe den t-seachdain a' toirt cothrom dhaibh an dreuchdan fhàgail gu saor-thoileach, neo airson na h-uairean a tha iad ag obair a lùghdachadh.
Ghabh a' Chomhairle an ceum, an dèidh mar a fhuair iad a-mach gum feum iad £40m a chùmhnadh thar an dà bhliadhna a tha romhainn, agus gum faodadh gun tèid suas ri 400 cosnadh a ghearradh uile gu lèir.
"'S e naidheachd uabhasach duilich a bh' ann," thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghain, a tha ann an sgioba buidseat an ùghdarrais ionadail.
Nollaig
"Tha sinn a-niste a' coimhead air gearraidhean anns a' bhliadhna a tha romhainn, cha mhòr £50m.
"'S e seo na gearraidhean as miosa a bh' air a' Chomhairle o chionn iomadach bliadhna.
"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead air gach rud a tha a' Chomhairle a' dèanamh.
"Tha mise den bheachd gu bheil na cosgaisean a th' ann ro àrd.
"Gu mì-fhortannach feumaidh sinn coimhead cuideachd air an fheadhainn a tha ag obair anns a' Chomhairle.
"Ma tha feadhainn airson a bhith a' fàgail na Comhairle gu saor-thoileach, feumaidh iad sin a dhèanamh anns a' chiad trì mìosan den bhliadhna ùir.
"Aig a' cheann thall tha sinn a' coimhead air cha-mhòr 400.
"Ma tha mi ceart tha mi a' smaoineachadh gu bheil còrr air 10,000 ag obair aig a' Chomhairle an-dràsta.
"Chan e seo an t-àm ceart a bhith ag iarraidh air daoine beachdachadh air an cosnaidhean fhàgail idir.
"Ach fhuair sinn fios airson seo an-dè, agus feumaidh sinn am buidseat a chothromachadh anns a' bhliadhna ùir, agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead an-dràsta, agus tha sinn uabhasach duilich gur ann aig àm na Nollaige a tha feadhainn a' faighinn na naidheachd seo," thuirt e.