Amasan buidhne-ghnìomha gan atharrachadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'atharraich Buidheann Ghnìomha Raon nan Rocaidean an ainm gu Buidheann Ghnìomha Eaconamaidh Uibhist.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 2009 nuair a bha coltas ann gun robh an MoD ag ullachadh airson an raon a dhùnadh.

A rèir chathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, 's e an dùbhlan a-nise dòighean ùra a lorg airson eaconamaidh Uibhist a neartachadh.

"Ged a tha sinn a' dèanamh beag air bheag de dh'adhartas, tha an t-uabhas ri dhèanamh fhathast," thuirt e.

"Agus chan ann sìon nas fhasa a tha e mar a tha an t-airgead mar eisimpeir a tha a' tighinn chun na Comhairle ga ghearradh an siud 's an seo, mar a tha an t-airgead a tha a' tighinn gu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ga ghearradh.

"So feumaidh sinn coimhead air dòighean ùra air gnothaichean a chur air aghaidh, agus tha mi a' smaointinn gun tèid againn air sin a dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn nach e dìreach buidheann a bhios ann airson bruidhinn mu dheidhinn, agus airson planaichean, ach gur e buidheann a bhios ann a chuireas air aghaidh rudan aig àrd-ìre, agus thig an uair sin buidheann eile mar Stòras Uibhist, mar a' bhuidheann an Uibhist a Tuath, a' tighinn còmhla a-niste airson gnothaichean a chur air aghaidh," thuirt e.