Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

nPower

Chuir a' bhuidheann riaghlaidh Ofgem càin de £26m air a' chompanaidh chumhachd nPower airson na dòigh san robh iad a' dèiligeadh ri cunntasan an luchd-cleachdaidh agus gearainnean bhuapa. Sin a' chàin as motha riamh air companaidh chumhachd. Chuir nPower, eadar an t-Sultain ann an 2013 agus an Dùbhlachd an-uiridh, còrr is 500,000 cunntas a-mach a bha ceàrr no fadalach - rud a tharraing còrr is dà mhillean gearain.

An t-Aonadh Eòrpach

Thàinig Dàibhidh Camshron a-mach à còmhraidhean anns a' Bhruiseil an-raoir ag ràdh gun gabh càirdeas ùr aontachadh eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach. Dh'aidich am Prìomhaire ge-tà, gum bi e doirbh aonta a dhèanamh air a' cheann thall leis gu bheil ceannardan eile gu math teagmhach mun phlana airson casg air sochairean do luchd-imrich an AE a thig a Bhreatainn.

In-imreachd

Thuirt comataidh de Bhuill-Phàrlamaid nach eil smachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air in-imreachd ag obair. Tha Comataidh Chùisean na Dùthcha ann an Taigh nan Cumantan ag ràdh, ged a tha smachd air an àireamh luchd-imrich bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich, gu bheil an sgeama cuideachd a' brosnachadh in-imreachd am measg luchd-obrach à dùthchannan eile a tha san aonadh.

An Stàit Ioslamach

Tha aithrisean ann gun deach feachdan na Stàite Ioslamaich an sàs ann an ionnsaigh mhòir ann an Iorac airson a' chiad uair ann an còig mìosan. Thug na ceudan de shaighdearan IS ionnsaigh air trì bailtean an ear agus tuath air Mosul mus do chuir feachdan Curdach tilleadh orra le taic bho itealain chogaidh Aimeireaganach.

UKIP

Tha an aon Bhall-Pàrlamaid a th' aig UKIP, Dùghlas Carsuel, den bheachd gum bu chòir do cheannard na pàrtaidh, Nigel Farage, an dreuchd sin fhàgail. Thuirt Mgr Carsuel gun cuireadh ìomhaigh ùr às do dhroch chliù UKIP mar phàrtaidh mhì-chneasta agus neo-libearalach. Thuirt Mgr Farage gum bu chòir do Mhgr Carsuel rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh sin, no a bheul a chumail dùinte.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha coltas ann gum faodadh 400 duine an cosnadh a chall aig Comhairle na Gàidhealtachd, a rèir a' Chomh. Alasdair MacFhionghain - ball de sgioba buidseit an ùghdarrais - a dh'fheumas £40m a shàbhaladh air an ath-bhliadhna-ionmhais. Tha a' Chomhairle a' toirt cothrom do luchd-obrach an cosnadh fhàgail gu saor-thoileach, no gabhail ri uairean-obrach nas giorra. Ach thuirt an Comh. MacFhionghain gu bheil a h-uile coltas ann gum feum feadhainn falbh an aghaidh an toil.

Cùram san Dachaigh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur romhpa gum bi daoine a tha a' faighinn cùraim anns an dachaigh agus a tha nas òige na 65 a' pàigheadh airson na seirbheis sin. Tha e coltach gun robh seo am beachd na Comhairle fiù 's mus deach tuilleadh ghearraidhean ainmeachadh an dèidh buidseat na h-Alba aig toiseach na seachdain seo.