Cùl ri tuath-ghaoithe

Crann-gaoithe

Chuir companaidh às a' Ghearmailt cùl ri plana gus tuath-gaoithe a thogail ann an Srath Ghlais.

Bha 25 crainn gu bhith san tuath-ghaoithe aig ABO Wind aig Allt Carach, ach cho-dhùin a' chompanaidh nach robh a ghaoth air an làraich làidir gu leòr airson gun fhiach e dhaibh a dhol air adhart.

Bha a' chompanaidh an dòchas gun cruthaicheadh na crainn 75KW de chumhachd, a dheadh a chur gu dìreach ris an loidhne-dealain eadar a' Mhanachainn agus Denny, a tha a' ruith ri taobh na làraich.

"Bha sinn air coimhead ri mòran dàta gaoithe, leithid na thàinig bho thuathan-gaoithe eile san sgìre, agus stòr-dàta nàiseanta neart na gaoithe NOABL, a thug dhuinn beachd gur e deagh àite dha-rìribh a bhiodh ann airson tuath-ghaoithe.

"Bha e, mar sin, na iongnadh mòr dhuinn nach deach a chlàradh ach gaoth gu math lag aig an làraich."