Cosgais air cùram san dachaigh
- Published
Bidh aig daoine anns na h-Eileanan Siar a tha nas òige na 65, ri phàigheadh airson cùram fhaighinn san dachaigh.
Tha cuideam air buidseatan Comhairle nan Eilean Siar gu h-àraidh a thaobh obair sòisealta.
Tha dùil ris an tuilleadh ghearraidhean san ath-bhliadhna-ionmhais cuideachd.
Thuirt Iain MacAmhlaigh bho Roinn Sòisealta na Comhairle gu bheil seo mar phàirt de roghainnean na Comhairle a thaobh buidseatan a chothromachadh.
Tha e ag ràdh cuideachd gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine ga fhaicinn mar rud reusanta.