Blàr Buidhe air a reic

Blàr Buidhe
Image caption Chaidh an dachaigh-cùraim a chuir air a' mhargaidh bho chionn grùnn mhìosan

Chaidh an dàchaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Leòdhas, air an deach càineadh a dhèanamh an uiridh le luchd-sgrùdaidh a' chùraim, a reic.

Tha 40 leabaidh anns an dachaigh-cùraim, a tha suidhichte air iomall Steòrnabhaigh.

Chuir a' chompanaidh HC One an dachaigh-cùraim air a' mhargaidh na bu tràithe am bliadhna, goirid às dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar sguir a bhith a' cur daoine ann gus an tigeadh adhartas air na dòighean obrach aca.

Chaidh càineadh a dhèanamh air an dachaigh-cùraim às dèidh do bhoireannach à Nis sia clachan de chuideam a chall fhad 's a bha i a' fuireach ann.

Bhàsaich i às dèidh sin anns an ospadal.

Thòisich a' Chomhairle a' cur daoine ann a-rithist anns a' Ghiblean, agus goirid às dèidh sin dh'innis HC One gu robh Blàr Buidhe a-measg grunn dhachaighean-cùraim air feadh Bhreatainn a bha iad an dùil a reic.

Chaidh a cheannach leis a' chompanaidh West End Care Earr. a bhuineas do Dhùghall MacAmhlaigh à Uibhist.

Thuirt labhraiche do HC One gu robh iad air cùmhnantan aontachadh, ach nach biodh a h-uile càil deiseil gus an deadh an dachaigh-cùraim ath-chlàradh le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.

Dh'fhaodadh gun toir sin suas ri sia mìosan agus thuirt i gum fuiricheadh a h-uile càil mar a tha iad anns an eadar-ama.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile