Dithis a' call am beatha ann an tubaistean rathaid

Chaidh dithis fhireannach a mharbhadh ann an dà thubaist rathaid fa leth aig an deireadh-sheachdainn.

Bhàsaich Steven Mitchell, 48, a bha a' dràibheadh tancair-connaidh, ann an tubaist air an A835 mu thrì mìle deas air Ulapul Disathairne.

Cha robh ach an aon charbad an lùib na tubaist agus bha an rathad dùinte fad na h-oidhche fhad 's a bha na polais a' dèanamh rannsachaidh.

Bhàsaich Bryan Addison à Eilginn nuair a chaidh a leagail le càr Audi Q3 tràth madainn Disathairne air an A941 eadar Inbhir Losaidh agus Eilginn.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde agus tha na polais ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol thuca.